
I am currently based at Charles University in Prague. In 2023-25, I conducted a Marie Curie Postdoctoral Fellowship at the University of Glasgow on Ruaraidh Erskine’s Scottish magazines. Previously, I worked as an editor for a baroque orchestra and as a freelance translator of fiction from English into Czech. My first research monograph, Derick Thomson and the Gaelic Revival, came out from the Edinburgh University Press in 2024. In 2025, I edited a collection of Thomson’s Gaelic prose, An Staran (Acair). My translations, made directly from Gaelic into Czech, include the novel Deireadh an Fhoghair by Tormod Caimbeul and poetry by Peter Mackay, Niall O’Gallagher, and Derick Thomson. I received a New Writers Award (Scottish Book Trust & Gaelic Books Council) in 2025, and my poems have appeared in New Writing Scotland and Aimsir. I am involved in the International Association for the Study of Scottish Literatures, the National Centre for Gaelic Translation, and FRLSU: Forum for the Research of Languages of Scotland and Ulster.
Tha mi stèidhichte aig Oilthigh Theàrlaich ann am Pràg. Ann an 2023-25, bha mi nam neach-rannsachaidh Mharie Curie aig Oilthigh Ghlaschu, agus chuir mi air doigh pròiseact mu Ruaraidh Arascain is Mhàirr agus na h-irisean Albannach a stèidhich e. Roimhe seo, bha mi ag obair mar neach-deasachaidh airson orcastra bharocach agus mar eadar-theangadair air m’ urra fhéin. Nochd mo chiad làn leabhar-rannsachaidh, Derick Thomson and the Gaelic Revival, bho Chlò Oilthigh Dhùn Èideann ann an 2024. Ann an 2025, dheasaich mi An Staran: Rosg Gàidhlig le Ruaraidh MacThòmais (Acair). Tha mi air a bhith ag eadar-theangachadh bho Ghàidhlig gu Seicis, mar eisimpleir Deireadh an Fhoghair le Tormod Caimbeul agus bàrdachd le Pàdraig MacAoidh, Ruaraidh MacThòmais, agus Niall O’ Gallagher. Ann an 2025, choisinn mi Duais nan Sgrìobhadairean Ùra (Urras Leabhraichean na h-Alba & Comhairle nan Leabhraichean), agus nochd na dàin agam ann an Aimsir agus New Writing Scotland. Tha mi ’n sàs ann an Comann Eadar-Nàiseanta airson Sgrùdadh Litreachas na h-Alba, ann an Ionad Eòghainn MhicLachlainn, agus ann am FRLSU: Fòram airson Rannsachadh air Cànain na h-Alba agus Uladh.
Contact | Fios: poncarova (at) gmail.com